Fàilte
Le eachdraidh a tha a’ dol air ais còrr is mìle bliadhna, tha àite sònraichte aig a’ Mhonarcachd ann am beatha na Rìoghachd Aonaichte. Mar Cheann Stàite, tha iomadach dleastanas reachdail agus deas-ghnàthach aig a’ Bhànrigh. Tha a’ Mhonarcachd cuideachd cudthromach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta: tha i a’ toirt dhuinn seasmhachd tro chaochlaidhean an t-saoghail, tha i a’ toirt seachad urraman dhaibhsan a tha airidh orra agus tha i a’ cur air adhart prionnsabalan seirbheis, an dà chuid poblach agus saor thoileach.
Anns an làraich-lìn seo tha fiosrachadh air obair na Bànrighe san latha a th’ ann; eachdraidhean-beatha muinntir an Teaghlaich Rìoghail; eachdraidh rìghrean agus bhànrighrean tro na linntean; fiosrachadh air lùchairtean Rìoghail; agus iomraidhean air na tachartasan agus tadhalaichean Rìoghail a tha air a bhith ann o chionn ghoirid.
Gheibhear na leanas anns na duilleagan seo ann an Gàidhlig na h-Alba: eachdraidh beatha na Bànrighe, sùil air dleastanas na Bànrighe, iomradh air a’ Mhonarcachd ann an Alba, fiosrachadh air Diùc Baile Bhòid agus iomradh air Seudan na h Alba. Tha sinn an dòchas tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuibh anns a’ Ghàidhlig anns an àm ri teachd agus bu toil leinn ur beachdan air na duilleagan seo a chluinntinn.
A’ Bhànrigh
Rugadh a’ Bhànrigh ann an Lunnainn air 21 Giblean 1926, a’ chiad nighean aig Diùc agus Ban-diùc York, air am biodh an Rìgh Deòrsa VI agus a’ Bhànrigh Ealasaid an dèidh sin. Chaidh a baisteadh Ealasaid Alexandra Màiri.
Chaidh a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid oideachadh aig an taigh còmhla ri a piuthar, a’ Bhana-phrionnsa Mairead. Nuair a ghabh a h-athair an rìgh-chathair ann an 1936, agus leis an dùil gun gabhadh ise àite uaireigin, fhuair i sgoil ann an eachdraidh a’ bhun-reachd agus lagh. Fhuair i sgoil cuideachd ann an ealain agus ceòl; dh’ionnsaich i marcachd agus bu toil leatha dràma agus snàmh.
Mar a dh’fhàs a’ Bhana-phrionnsa na bu shine thòisich i air a h-obair am measg an t sluaigh. Chaidh a guth a chraoladh airson a’ chiad uair anns an Dàmhair 1940, aig aois 14, nuair a chuir i a-mach teachdaireachd gu clann Bhreatainn agus a’ Cho fhlaitheis. Anns a’ Ghiblean 1943, chaidh a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid air thuras gu poblach leatha fhèin airson a’ chiad uair, nuair a chuir i seachad latha còmhla ri Battalion nan tancaichean aig na Grenadier Guards.
On àm sin a-mach fhuair i barrachd agus barrachd dleastanasan oifigeil, gu h àraid a’ gabhail gnothaich ris an òigridh. On Mhàrt 1944, thòisich i a’ siubhal còmhla ris an Rìgh agus a’ Bhànrigh air na tursan aca taobh a-staigh Bhreatainn. Anns an t Sultain 1944, chaidh a’ Bhana-phrionnsa air a’ chiad turas oifigeil aice a dh’Alba còmhla ri a pàrantan.
Tràth ann an 1945 chaidh a’ Bhana-phrionnsa dhan Auxiliary Territorial Service (ATS) mar Subaltern. Ro dheireadh a’ chogaidh bha i air inbhe Òg-cheannard (Junior Commander) a ruighinn, an dèidh dhi crìoch a chur air cùrsa aig Ionad Trèanaidh Innealach Àireamh 1 aig an ATS far an tàinig i a-mach air a h-uidheamachadh mar dhràibhear.
An dèidh a’ chogaidh bha a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid a’ nochdadh na bu trice air beulaibh a’ mhòr-shluaigh. Bhiodh i a’ siubhal fad is farsaing tron Rìoghachd gu tachartasan foirmeil poblach. Chaidh i a-null thairis air turas oifigeil airson a’ chiad uair ann an 1947, nuair a chaidh i a dh’Afraga a Deas còmhla ri a pàrantan agus a piuthar. Ràinig i bliadhn’ air fhichead a dh’aois air a’ chuairt seo agus rinn i òraid air an rèidio ga cur fhèin a-null gu seirbheis a’ Cho-fhlaitheis.
Goirid an dèidh don Teaghlach Rìoghail tilleadh à Afraga a Deas, fhuair a’ Bhana phrionnsa gealladh-pòsaidh o Lieutenant Philip Mountbatten. Phòs iad ann an Abaid Westminster air 20 Samhain 1947. B’ e mac Prionnsa Anndra na Grèig, agus iar-iar-ogha na Bànrighe Victoria a bh’ ann an Lieutenant Mountbatten, a-nis ‘a Mhòrachd Rìoghail am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann’.
Ann an 1952, seach gun robh tinneas air, b’ fheudar don Rìgh Deòrsa VI a chuairt a dh’Astràilia agus New Zealand a chur dheth. Dh’fhalbh a’ Bhana-phrionnsa na àite. Air 6 Gearran, fhad ’s a bha i ann an Kenya, chaochail an Rìgh Deòrsa VI agus bha a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid a-nis na Bànrigh.
Chaidh a’ Bhànrigh a chrùnadh ann an Abaid Westminster air 2 Ògmhios 1953. Chaidh an Crùnadh aice a chraoladh air feadh an t-saoghail, air rèidio agus telebhisean.
On a thòisich rìoghachadh na Bànrighe, chaidh i an sàs anns an obair ùir aice gu h èasgaidh agus gu dealasach.
Thòisich na dleastanasan poileataigeach agus deas-ghnàthach gun dàil, o Fhosgladh Stàite na Pàrlamaid gu coinneamhan, a h-uile seachdain, còmhla ris a’ phrìomh mhinistear. B’ e Winston Churchill a’ chiad phrìomh-mhinistear a bh’ aig a’ Bhànrigh aig toiseach a rìoghachadh.
On fhìor thoiseach, ghabh a’ Bhànrigh mun dleastanas aice, mar Bhànrigh na Rìoghachd Aonaichte air fad, gu dùrachdach. Thòisich i air prògram farsaing de chuairtean air feadh na dùthcha, o Shealtainn gu ruige nan Eileanan Scilly agus o Swansea gu Holy Island.
Thòisich a’ Bhànrigh a’ siubhail a-null thairis cuideachd. Anns an dà bhliadhna an dèidh a Crùnaidh, thadhail a’ Bhànrigh ann an ceàrnaidhean den Cho-fhlaitheas air nach do thadhal duine de na rìghrean is na bànrighrean a thàinig roimhpe. Bhiodh a’ Bhànrigh cuideachd a’ riochdachadh Bhreatainn air Tadhalaichean Stàite a dhùthchannan leithid na Ruis, Sìona, Iapan, Corìa, agus na Stàitean Aonaichte.
Ann an 1977 chùm an sluagh air feadh Bhreatainn agus a’ Cho-fhlaitheis fèilltean airson Loghan (Jubilee) na Bànrighe, a’ comharrachadh nan còig bliadhna fichead on Chrùnadh. Shiubhail a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann 90,000 cilemeatair gus compàirt a ghabhail sa cheann-bhliadhna còmhla ri a poball. Chuireadh sluagh mòr fàilte orra ge bith càite an deidheadh iad.
Ann an 2002 chaidh Iùbailidh Òir na Banrighe a chumail, a’ comharrachadh na bhliadhna air an do ghabh a’ Bhanrigh an rìgh-chathair ann an 1952.
Thòisich a’ bhliadhna le adhbhar-bròin dhan Bhanrigh. Chaochail a piuthar, a’ Bhana-phrionnsa Maighread, aig aois 71 air 9 dhen Ghearran 2002 ri linn stròc.
Chaochail a’ Bhanrigh Ealasaid Màthair na Bànrigh aig aois 101 beagan sheachdainean na dèidh air 30 dhen Mhàrt san Loidse Rìoghail aig Windsor. Bha a’ Bhanrigh air an t-seirbheis ann an Abaid Westminster ron tìodhlacadh phrìobhaideach aig Seipeal Naomh Seòras, Windsor.
A dh’aindeoin sin, lean a’ Bhanrigh oirre na dleastanasan agus bha i an sàs sreath de thachartasan a chomharraich na h-Iùbailidh Òir aice.
Thadhail i air cuirmean ann an Diameuga, Sealainn Nuadh, Astràilia is Canada; dh’fhalbh i air turas tron RA ’s i a’ tadhal air barrachd air 70 cathair is baile; agus deireadh-seachdaine nàiseanta de chuirmean, a’ gabhail a-steach dà chuirm-chiùil anabarrach mhòr ann an gàrraidhean Lùchairt Buckingham.
Chomharraich a’ Bhanrigh an 80mh co-là breith aice ann an 2006 le bhith a’ gabhail cuairt phoblach ann am meadhan baile Windsor. Chùm i lòn do dhaoine eile cuideachd a bha 80 air an aon latha agus ghabh i a dìnnear còmhla ri a teaghlach aig Lùchairt Kew.
Chomharraich a’ Bhanrigh is Diùc Dhùn Èideann an 60mh ceann-bliadhna dam pòsadh air 20 dhen t-Sultain 2007.
Thairis air seachd deicheadan, ceithir duine-cloinne, ochd oghaichean, Là a’ Chrùnaidh agus rìoghachadh fad corr is 60 bliadhna, chunnacas a’ Bhanrigh is an Diùc iomadh atharrachadh san t-saoghal.
Chaidh an ceann-bliadhna a chomharrachadh gu sàmhach le seirbheis comharrachaidh ann an Abaid Westminster agus fosgladh de phanal cuairt-sheallaidh ùr de Cheum na h-Iùbailidh air Ceàrnag na Pàrlamaid.
Rinn A Mòrachd turas eachdraidheil air Èirinn ann an 2011, a’ chiad mhonarc Breatannach a rinn sin on a choisinn Èirinn neo-eisimeileachd,
Chomharraich a’ Bhanrigh an Iùbailidh Daoimein aice ann an 2012, a’ comharrachadh 60 bliadhna air an rìgh-chathair. Chaidh an latha mòr a chomharrachadh le tachartasan air feadh na RA is a’ Cho-fhlaitheis le deireadh-seachdaine de chuirmean aig an deireadh san Ògmhios.
Rè na bliadhna, thadhail a’ Bhanrigh air ceithir ceàrnan na Rìoghachd Aonaichte is le taic o bhuill eile a teaghlaich, air gach dùthaich na Rìoghachd is a’ Cho-fhlaitheis às a leth.
Ghabh an Iùbailidh Daoimein a-steach Lòn Mòr na h-Iùbailidh, consairt aig Lùchairt Buckingham agus Seirbheis Taingealachd ann an Cathair-eaglais Naomh Pòl agus a’ Bhanrigh a’ toirt taing shònraichte air an Iùbailidh Daoimein airson “coibhneas a chaidh a nochdadh dhomh iomadh turas san dùthaich seo agus air feadh a’ Cho-fhlaitheis”.
Chomharraich a’ Bhanrigh is a teaghlach grunn làithean mòra ann an 2013: an 60mh ceann-bliadhna da Crùnaidh, an 65mh co-là breith aig Prionnsa na Cuimrigh agus breith Prionnsa Seòras Chambridge.
Chaidh an 60mh ceann-bliadhna de Chrùnadh na Banrighe san Ògmhios a chomharradh ann an seirbheis ann an Abaid Westminster agus le Fèill a’ Chrùnaidh a chaidh a chumail ann an gàrraidhean Lùchairt Buckingham. Chaidh an fhèill a chur air bhonn le Comann Luchd nam Barantasan Rìoghail agus chunnacas gràinnean-mullaich tionnsgnadh, sàr-mhaitheas is gnìomhachas Bhreatainn ann am malairt is ceàrd ann.
Tha a’ Bhanrigh a’ sìor-choileanadh a cuid dhleastanasan oifigeach, a’ gabhail a-steach èisteachdan le ministearan, èididhean, tursan thall thairis agus deas-ghnàthan mar Fhosgladh Stàite na Pàrlamaid.
Tro iomadach dleastanas oifigeil, tha an teaghlach an còmhnaidh air a bhith cudthromach. Tha ceathrar cloinne agus seachdnar oghaichean aig a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann.
Rugadh am Prionnsa Teàrlach, Prionnsa na Cuimrigh a-nis, oighre a’ chrùin, ann an 1948 agus rugadh a’ Bhana-phrionnsa Anna, a’ Bhana Phrionnsa Rìoghail, dà bhliadhna an dèidh sin. An dèidh a’ Chrùnaidh, fhuair iad an treas duine cloinne, am Prionnsa Anndra, ann an 1960 agus rugadh am Prionnsa Eideard ann an 1964.
’S iad na h-oghaichean aca Peadar agus Zara Philips (a rugadh ann an 1977 agus 1981); Prionnsa Uilleam na Cuimrigh agus Prionnsa Eanraig na Cuimrigh (r. 1982 agus 1984); a’ Bhana-phrionnsa Beatrice de York agus a’ Bhana phrionnsa Eugenie de York (r. 1988 agus 1990); agus a’ Bhean Uasal Louise Windsor, nighean Iarla agus Ban-iarla Wessex (r. 2003).
Dleastanas na Bànrighe
Tha iomadach dleastanas cudthromach aig a’ Bhànrigh.
Mar Cheann Stàite, tha dleastanasan reachdail aig a’ Bhànrigh. Bidh a’ Bhànrigh a’ fosgladh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a h-uile bliadhna agus bidh i a’ dèanamh òraidean aig Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh na Cuimrigh. Bidh a’ Bhànrigh a’ leughadh a h-uile pàipear Caibineit, a’ cur a h-aonta ri Òrdughan ann an Comhairle, a’ cur a h-ainm ri Achdan Pàrlamaid, agus bidh am Prìomh Mhinistear agus Ministearan Riaghaltas a’ tighinn a bhruidhinn rithe a h-uile seachdain. Tha buaidh na Bànrighe gu ìre mhòr neo-fhoirmeil. Tha dleastanas aice a beachdan air gnothaichean an Riaghaltais a chur an cèill ris a’ Phrìomh Mhinistear, ach tha na coinneamhan seo dìomhair. An dèidh dhi a beachdan a chur an cèill tha a’ Bhànrigh a cumail ri comhairle nam ministearan aice.
Tha a’ Bhànrigh a’ riochdachadh na Rìoghachd Aonaichte air feadh an t-saoghail. Bidh i a’ cur fàilte air Cinn Stàite agus air Tosgairean à dùthchannan eile don Rìoghachd Aonaichte. Bidh i cuideachd a’ siubhal a-null thairis; còmhla ri Diùc Dhùn Èideann tha i air a bhith air còrr is 60 tadhal Stàite.
Mar Cheann a’ Cho-fhlaitheis tha a’ Bhànrigh na ceangal eadar na dùthchannan air feadh an t saoghail a tha nam buill. Bidh a’ Bhànrigh a’ falbh air tadhalaichean Co fhlaitheis; bidh i tric a’ bruidhinn ri Àrd-rùnaire a’ Cho-fhlaitheis agus Cinn Riaghaltais; bidh i a’ frithealadh Latha a’ Cho-fhlaitheis ann an Lunnainn; bidh i a’ craoladh a h-uile bliadhna aig an Nollaig is air Latha a’ Cho-fhlaitheis agus bidh i tric an làthair aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis.
Tha dleastanas cudthromach deas-ghnàthach aig a’ Bhànrigh. Bidh i an làthair airson iomadach gnothach poblach leithid seirbheisean Òrdugh a’ Ghartain agus a’ Chluarain; caismeachd co-latha-breith na Bànrighe (Trooping the Colour); seirbheis Latha Cuimhneachaidh nan Cogaidhean; agus seirbheisean nàiseanta aig Cathair-eaglais an Naoimh Phòil agus aig Abaid Westminster.
Bidh a’ Bhànrigh a’ toirt seachad duaisean do dhaoine, am measg a’ mhòr shluaigh, a tha a’ soirbheachadh agus a’ dèanamh sàr obair. Tha Onairean airson seirbheis airidh gan toirt seachad dà uair sa bhliadhna. Bidh daoine às a h-uile àite, a tha air seirbheis phoblach shònraichte a thoirt seachad no a tha air soirbheachadh anns an obair aca, a’ faighinn nan Onairean seo - o luchd-obrach carthannais gu luchd-spòrs. Mar as trice bidh na h-Onairean gan toirt seachad aig Lùchairt Bhuckingham ach tha seo cuideachd a’ tachairt turas sa bhliadhna ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann. A thuilleadh air a seo bidh a’ Bhànrigh a’ cumail chuirmean, phàrtaidhean agus dhìnnearan do dhaoine a tha air diofar a dhèanamh aig ìre ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta.
Tha a’ Bhànrigh cuideachd an sàs ann an taic a thoirt do sheirbheis phoblach, gu h-àraid tro na Feachdan Armaichte agus na roinnean poblach agus saor-thoileach. Tha a’ Bhànrigh na Ceann air na Feachdan Armaichte agus bidh i a’ cumail sùil air an obair aca tro bhith a’ tadhal, o àm gu àm, air na campaichean aca. Tha ceanglaichean dlùth aig a’ Bhànrigh agus aig buill eile den Teaghlach Rìoghail ri còrr is 3,200 buidheann carthannais.
A bharrachd air a cuid dleastanasan foirmeil, tha a’ Bhànrigh cudthromach a thaobh aonadh agus dearbh-aithne nàiseanta. A h-uile bliadhna bidh a’ Bhànrigh agus buill eile dhen Teaghlach Rìoghail a’ siubhal gu còrr is 3,000 àite anns an Rìoghachd Aonaichte, a’ faicinn leasachaidhean ùra agus na thathas a’ coilionadh ann an gnìomhachas, àiteachas, foghlam, na h-ealainean, leigheas agus spòrs agus iomadach raon eile.
Le bhith an ceann nan dleastanasan seo uile, fad còrr is 60 bliadhna, tha a’ Bhànrigh air leantainneachd agus seasmhachd a thoirt dhuinn ann an linn a th’ air a comharrachadh le leasachadh agus atharrachaidhean luatha.
An Crùn ann an Alba
Tha a’ Bhànrigh na Bànrigh thairis air an Rìoghachd Aonaichte air fad, agus tha i a’ riochdachadh nan sgìrean, coimhearsnachdan agus nan daoine air fad.
Chan eil fèin-riaghladh air buaidh a thoirt air seasamh na Bànrighe ann an Alba. Sheall referendum air 11 Sultain 1997 gun robh a’ chuid-mhòr ag iarraidh Pàrlamaid ann an Alba. Thòisich a’ chiad seisean air 12 Cèitean 1999 agus chaidh a’ Phàrlamaid fhosgladh gu h-oifigeil, leis a’ Bhànrigh, air 1 Iuchar 1999 air Mound Dhùn Èideann, far an robh a’ Phàrlamaid mus do ghluais i. Chaidh togalach ùr Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh gu foirmeil leis a’ Bhànrigh air 9 Dàmhair 2004. Tha an togalach mu choinneamh Lùchairt Taigh an Ròid agus Gaileiridh na Bànrighe ann an Dùn Èideann.
Le 129 buill (a’ gabhail a-steach an Oifigeir-riaghlaidh) a tha air an taghadh a h-uile ceithir bliadhna, tha Pàrlamaid na h-Alba air chomas prìomh reachdas a thoirt a steach. Tha a’ Phàrlamaid a’ gabhail gnothaich ris na cùisean a leanas: foghlam, slàinte, lagh, an àrainneachd, leasachadh eaconomach, riaghaltas ionadail, taigheadas agus am poileas.
Fon an aon reachdas a chuir Pàrlamaid na h-Alba air bhonn, bidh Buill Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail bòid dhìlseachd don Chrùn. Bidh a’ Bhànrigh cuideachd a’ faighinn aithisg gach seachdain o Phàrlamaid na h-Alba air cùisean na seachdain airson gu bheil cumhachdan reachdail aca. ’S i a’ Bhànrigh a bhios a’ cur Prìomh Mhinistear na h-Alba na dhreuchd agus bidh i a’ coinneachadh ris tric gus am bi fios aice mu chùisean ann an Alba.
Bidh a’ Bhànrigh a’ tadhal ann an Alba gu math tric, a’ coinneachadh dhaoine às gach àite ’s gach dreuchd agus gus compàirt a ghabhail ann an tachartasan mòra na dùthcha. Bidh i an còmhnaidh an sàs ann an ‘Seachdain Taigh an Ròid’, a bhios ann, mar as trice, aig toiseach an Iuchair a h-uile bliadhna. Air an t-seachdain a tha seo bidh a’ Bhànrigh agus buill den Teaghlach Rìoghail a’ fuireach aig Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann, far am bi a’ Bhànrigh, mar as trice, a’ cumail Buileachadh Onairean agus pàrtaidh anns a’ ghàrradh. Bidh i a’ coinneachadh ri daoine ann an àiteachan eile ann an Alba cuideachd.
Bidh buill eile den Teaghlach Rìoghail tric a’ tadhal ann an Alba cuideachd, a chur taic ri buidhnean ionadail agus buidhnean carthannais, a bhith an làthair aig deas ghnàthan agus cuirmean, agus a choinneachadh ri daoine air feadh na dùthcha.
Bha a’ Bhànrigh a’ tadhal anns na h-Eileanan Siar o chionn ghoirid ann an 2002. Mar phàirt de Loghan na Bànrighe chaidh a Mòrachd Rìoghail dhan Eilean Sgitheanach agus Eilean Leòdhais.
Anns an Eilean Sgitheanach, thachair a’ Bhànrigh ri muinntir an Eilein ann am Port Rìgh. Nam measg bha luchd-teasairginn, luchd-cobhair nam beann agus buill de Chadets an Airm. Ann an Ionad Coimhearsnachd Phort Rìgh, bhruidhinn a Mòrachd Rìoghail ri seann daoine agus daoine a bhios a’ cleachdadh nan goireasan cùraim. Mus do dh’fhàg i, agus mar chomharradh air an turas aice, dh’fhoillsich a’ Bhànrigh leac cloiche air a bheil ìomhaighean o bheatha an Eilein, ann an Ceàrnag Shomhairle.
Ann an Steòrnabhagh chuir 5,000 duine fàilte air a’ Bhànrigh. Fhuair clann an eilein latha saor gus i fhèin agus an Diùc fhaicinn. Ghabh buidheann bhoireannach òran luaidh dhan Bhànrigh.
Diùc Baile Bhòid
Ann an Alba, ’s ann mar ‘am Prionnsa Teàrlach, Diùc Baile Bhòid’ as aithnear Prionnsa na Cuimrigh, oighre a' Chrùin, am mac as sine aig a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann.
Thug Raibeart III, Righ na h-Alba, tiotal na moraireachd Albannach seo dha a mhac, Dàibhidh, ann an 1398. Dhaingnich achd le Phàrlamaid na h-Alba, ann an 1469, gur e dìreach oighre crùn na h-Alba a gheibheadh an tiotal. A nuas o Aonadh nan Crùn ann an 1603 thàinig an tiotal an cois tiotail eile – Diùc a’ Chòrn – agus on a ghabh a’ Bhànrigh an rìgh-chathair, tha an t-ainm Diùc Baile Bhòid air a bhith air a’ Phrionnsa.
Tha na tiotalan Iarla Charraig agus Baran Rinn Friù cuideachd air Diùc Baile Bhòid. Tha oighre a’ chrùin a’ faighinn tiotalan moraireachd na h Alba seo fo Achd 1469.
’S e ‘Tighearna nan Eilean’ fear de na tiotalan aige cuideachd. Chaidh an seann tiotal seo, a bh’ air an fheadhainn a bha a’ riaghladh anns na h-Eileanan (fo Rìghrean na h-Alba) a chur ris a’ Chrùn le Seumas V ann an 1540, agus, mar sin, chaidh an tiotal gu na h-oighrean aige.
Tha tiotal eile aige: Prionnsa agus Mòr-stiùbhard na h-Alba. Tha an oifis oighreachail seo – Mòr-stiùbhard (no Àrd-stiùbhard) – a’ dol air ais dhan dàrna linn deug. Dhaingnich an Achd ann an 1469 gum biodh an tiotal seo aig “a’ chiad phrionnsa aig Rìgh na h-Alba gu bràth”.
Seudan na h-Alba
’S iad Seudan na h-Alba na suaicheantasan Rìoghail as sine ann am Breatainn air fad. Tha trì nithean ann: Crùn, claidheamh agus slat-rìoghail na h-Alba.
A rèir beul-aithris ’s e tiodhlac a bh’ anns an t-slat rìoghail on Phàpa Alasdair VI dha Seumas IV, a’ comharrachadh gun robh am Pàpa a’ cur taic ri Alba.
Thàinig Claidheamh na Stàite o Phàpa eile – Iulius II – a thug e mar thiodhlac dha Seumas IV ann an 1507. Tha faisg air 1.4 meatair de dh’fhaid anns a’ chlaidheamh agus tha a cheann (airgead le òradh) air a sgeadachadh le duilleagan daraich agus cnothan-daraich. Tha sgrìobhadh leis a’ Phàpa Iulius air lann a’ chlaidheimh.
Chaidh an Crùn, mar a tha e an-diugh, a dhèanamh dha Seumas V ann an 1540. Bha e air fhèin aig crùnadh a chompanaich, Màiri Guise, a’ bhliadhna sin fhèin ann an eaglais abaid Taigh an Ròid. Tha cearcall a’ Chrùin air a dhèanamh le òr Albannach agus iomadach seud is clach luachmhor.
Chaidh na Seudan a chleachdadh còmhla airson a’ chiad uair ann an 1543 aig crùnadh Màiri, Bànrigh na h-Alba, ’s i naoi mìosan a dh’aois. Chaidh an cur gu feum a rithist aig crùnadh a mic, Seumas VI (Seumas I mar Rìgh Shasainn) ann an Sruighlea ann an 1567, agus a h-ogha, Teàrlach I, ann an 1633 aig Lùchairt Taigh an Ròid.
Dh’fheuch Oliver Cromwell ri stad a chur air crùnadh Theàrlaich II ann an 1651 aig Sgàin, ach cha deach leis. Lean Cromwell na Seudan gu Caisteal Dunnottar, agus e a’ cur roimhe am milleadh. Thugadh na Seudan air falbh, gu falachaidh, agus chaidh an tiodhlacadh gu 1660 nuair a chaidh Teàrlach II aisig dhan rìgh-chathair.
Cha deach na Seudan a chur gu feum a-riamh an dèidh sin gus monarc a chrùnadh. Suas gu Còrdadh an Aonaidh ann an 1707, bhiodh na Seudan gan toirt dhan Phàrlamaid, nuair a bhiodh na buill nan suidhe, mar shamhla air ùghdarras a’ chrùin. An dèidh an Aonaidh, nuair a bha Pàrlamaid ùr na Rìoghachd Aonaichte a’ coinneachadh ann an Lunnainn, chaidh na Seudan a ghlasadh air falbh ann an ciste ann an Caisteal Dhùn Èideann. Ann an 1818 chaidh a’ chiste fhosgladh. Bha an t ùghdar Walter Scott agus Riaghladair a’ Chaisteil am measg na bha an làthair. Fhuair iad gun robh na Seudan ann fhathast.
Chaidh na Seudan a chur air falach a-rithist ann an 1941 air eagal ’s gun dèanadh na Gearmailtich briseadh a-steach dhan dùthaich. Chaidh na Seudan a thoirt air falbh on chaisteal aon turas ann an 1953 airson Seirbheis Taingealachd Nàiseanta aig Àrd eaglais St Giles ann Dùn Èideann. Chaidh an toirt mar thiodhlac don Bhànrigh ùir, a thug air ais iad dhaibhsan a bha gan cumail.
O 1819, tha na Seudan air a bhith air am foillseachadh gu poblach ann an Seòmar a’ Chrùin ann an Caisteal Dhùn Èideann, còmhla ri Seudan nan Stiùbhartach agus Seudan Latharna. O 1996 tha Clach Sgàin (Lia-fàil) air a bhith ann an Caisteal Dhùn Èideann, an dèidh 700 bliadhna ann an Abaid Westminster.
Lùchairt Taigh an Ròid
’S e àite-fuirich oifigeil na Bànrighe ann an Alba a th’ ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann.
Tha e aig ceann na Mìle Rìoghail agus tha e air a chumail a’ dol mar àite-fuirich Rìoghail. Bidh buill den Teaghlach Rìoghail tric a’ fuireach nuair a bhios gnothach aca ann an Alba.
Air ‘Seachdain Taigh an Ròid’, a bhios a’ dol eadar deireadh an Ògmhios agus toiseach an Iuchair, bidh a’ Bhànrigh a’ siubhail air feadh na h-Alba a choinneachadh dhaoine. Bidh Buileachadh Onairean ann dha muinntir na h-Alba far am bi Onairean gan toirt seachad dha daoine airson an deagh obrach. Bidh pàrtaidh ga chumail ann an gàrradh na Lùchairte, far am bi a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann a’ cur fàilte air còrr is 8,000 aoigh - daoine on a h-uile dreuchd.
Tha an Lùchairt cuideachd air a cur gu feum aig amannan foirmeil Stàite. Mar eisimpleir, thàinig Ceann-suidhe na Ruis - Vladamir Putin – dhan Lùchairt air an turas Stàite aige, còmhla ri Diùc York ann an 2003.
’S e àite cudthromach a th’ anns an Lùchairt dha luchd-turais. ’S urrainn dha daoine sealltainn air na seann seòmraichean agus obraichean ealain, leithid cruinneachadh cudthromach de dh’obair-ghrèis. ’S e an ‘Gaileiridh Mòr’ an seòmar as motha anns an Lùchairt. Tha 89 dealbhan ann de rìghrean na h-Alba, fìor agus uirsgeulach, o Fhearghas I gu Teàrlach II. Bidh nithean on Chruinneachadh Rìoghail gan sealltainn ann an Gaileiridh na Bànrighe, faisg air an Lùchairt.
’S e manachainn a bh’ ann an Lùchairt Taigh an Ròid nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1128 le Dàibhidh I. Thathas ag ràdh gum faca an rìgh sealladh anns an do nochd crois no ‘ròid’, a bhuineadh dha a mhàthair, an Naoimh Mairead, eadar cabair daimh-fèidh a bha a’ toirt ionnsaigh air.
Shoirbhich leis an Abaid. Roghnaich rìghrean meadhan-aoiseach na h-Alba fuireach ann an Taigh an Ròid, le pàircean ceithir thimcheall orra, an àite a bhith anns a’ chaisteal ghruamach shuas air a’ chreig.
Ann an 1501 dh’ullaich Seumas IV (1488-1513) àite faisg air an Abaid agus thog e Lùchairt dha fhèin agus a bhean, Mairead Tudor (Piuthar Eanraig VIII). Chuir an ath rìgh, Seumas V (1513-42), Tùr mòr ris an Lùchairt eadar 1528 agus 1532, agus aghaidh-shiar ùr, deas air an Tùr, eadar 1535 agus 1536. Dh’fhàg an obair seo, gu h àraid na h-uinneagan ùra a chaidh a chur a-steach, an Lùchairt gu math na bu choltaiche ri dachaigh.
Chuir an nighean aige, Màiri, Bànrigh na h-Alba (1542-67), seachad a’ mhòr chuid den bheatha riaslach aice anns an Lùchairt. Phòs i dithis de na fir aice anns an Abaid. Chaidh a rùnaire prìobhaideach, Dàibhidh Rizzio, a mhurt anns na seòmraichean prìobhaideach aice. Bha an duine aice, am Morair Darnley, air ceann na buidhne a rinn am murt, is esan a’ smaoineachadh gun robh gnothach-gaoil eadar i fhèin agus Rizzio.
Ri linn Sheumais, mac Màiri, (Seumas VI, Rìgh na h-Alba (1567-1625) agus Seumas I, Rìgh Shasainn (1602-25)) chaidh an Lùchairt bhuaithe. Nuair a thill Seumas a Dhùn Èideann ann an 1617, ge-tà, rinn e obair ùrachaidh air an àite. Chaidh tuilleadh obair a dhèanamh ann an 1633 gus crùnadh mac Sheumais – Teàrlach I (1625-49) – ann an Alba, a chomharrachadh. Nuair a bha an Cogadh Sìobhalta ann bha saighdearan Oliver Cromwell a’ fuireach anns an Lùchairt.
An dèidh aisig an rìgh ann an 1660, chaidh Teàrlach II (1660-85) a chrùnadh ann an Alba. Ged nach do thill e a dh’Alba a-riamh an dèidh sin, thòisich e air Taigh an Ròid a thogail às ùr. Chaidh ballachan-aghaidh, a’ mhòr-chuid dhiubh clasaigeach, a thogail mu thimcheall air ceàrnag.
An dèidh Aonadh nam Pàrlamaid aig toiseach na h-ochdamh linne deug, chaidh cùl a chur ris an Lùchairt seach gun robh daoine air fàs na bu mheasail’ air caistealan na h-Alba. Ann an 1745 thill pearsa rìoghail dhan Lùchairt nuair a chùm Teàrlach Òg Stiùbhart cùirt innte ’s e a’ feuchainn ris an rìgh-chathair a bhuannachadh dha athair.
Nuair a thàinig Deòrsa IV air turas Stàite a dh’Alba ann an 1833, chaidh leasachaidhean eile a dhèanamh. Thug an rìgh àithne gum bu chòir dha na seòmraichean aig Màiri, Bànrigh na h-Alba, a bhith ‘air an tasgadh, gun atharrachadh sam bith.’
Thill an cleachdadh a bhith a’ fuireach ann Taigh an Ròid nuair a thòisich a’ Bhànrigh Victoria a’ dol ann agus, aon uair eile, ’s e prìomh àite-fuirich Rìoghail na h-Alba a bh’ ann.
.